Fàilte gu Apache OpenOffice
Tha OpenOffice 'na shreath de phrògraman oifis
a bheir dhut cothrom aig gach goireas a dh'fheumas tu 'nad obair
làitheil, eadar sgrìobhainnean teacsa, cliath-dhuilleagan,
tarraingean, stòr-dàtannan is taisbeanaidhean gleansach - agus an
rud air fad sa Ghàidhlig. Tha fiù dearbhair-litreachaidh Gàidhlig
'na bhroinn! Agus an rud as fhearr - cha chosg e sgillinn dhut oir
tha e 'ga leasachadh le coimhearsnachd a dhaoine a dh'obraicheas
air OpenOffice gu saor-thoileach. Leis a sin, fiù ma tha thu car
teagmhach mu dhèidhinn, 's urrainn dhut greim fhaighinn air agus
fheuchainn agus chan eil uallach sam bith 'na chois. Siuthad
ma-thà!
Ma tha taic a dhìth ort a thaobh obrachadh a' phrògraim fhèin,
feuch na duilleagan
taice aig OpenOffice (sa Bheurla). Ma tha duilgheadas agaibh
a tha co-cheangailte ris a' Ghàidhlig ann, can mur eil sibh
buileach cinnteach mar a dh'obraicheas an dearbhair-litreachaidh
no mur eil a' Ghàidhlig a' nochdadh air an sgrìn, gheibh sibh taic
air Fòram
na Gàidhlig san earrann teicneolais, ann am Beurla no
Gàidhlig.
On a thug sinn iomradh air, seo freagairt air an
dà cheist a nochdas as trice:
- Fhuair mi e ach tha e ann am Beurla
Tachraidh sin. Cha leig thu leas ach a dhol gu
Tools » Options » Language Settings » Language » User Interface agus Locale Setting agus Default languages agus Gaelic (Scotland) a thaghadh ann.
Bidh feum agad am prògram a dhùnadh an uairsin agus a chur gu dol a-rithist ach cha bheir sin fada.
- Càit a bheil an dearbhair-litreachaidh?
Tha e am broinn a' phrògraim o thùs is cha leig thu leas dad a dhèanamh. Ma thug thu air falbh e air mhearachd 's ma tha thu 'ga iarraidh air ais, gheibh thu an-seo e.

